Plana 'son togalach Flannach Bhreascleit

  • 30 An Lùnasdal 2017
An taigh far am biodh luchd-faire Taigh-solais nan Eilean Flannach a' fuireach. Image copyright Google
Image caption Bhiodh luchd-faire Taigh-solais nan Eilean Flannach a' fuireach san taigh sa ann am Breascleite nuair nach biodh iad aig an taigh-sholais.

Tha buidheann choimhearsnachd ann an Leòdhas an dòchas seann togalach far am b' àbhaist fir-faire taigh-solais nan Eilean Flannach a bhith a' fuireach a ghabhail thairis.

Chaidh aontachadh aig coinneimh phoblaich ann am Brèascleit gum bu chòir coimhead ris a leithid, ged a tha cùisean aig ìre gu math tràth fhathast.

Tha daoine san sgìre eòlach gu leòr air an taigh mhòr dhearg.

B' àbhaist an fheadhainn a bhiodh a' coimhead às dèidh taigh-solais nan Eilean Flannach a bhith a' fuireach ann nuair nach robh iad a-muigh anns an Eilean Mhòr.

Eachdraidh

Tha sgeulachd nan Eilean Flannach gu math aithnichte.

Chaidh triùir a bha ag obair san taigh-sholais, Seumas Ducat, Tòmas Marshall agus fear a bhuineadh do Bhreascleit fhèin, Dòmhnall MacArtair, a dhìth ann an 1900 agus chan eil cìnnt sam bith dè a thachair dhaibh.

Image copyright Geograph/Chris Downer
Image caption Tha na h-Eileanan Flannan còrr is 20 mìle an iar air Eilean Lèodhais

Ge b' i dè a bh' ann thachair e ann an cabhaig oir chaidh am biadh aca fhàgail air a' bhòrd.

Cho-dhùin rannsachadh gur iongantach mura b' e suaile mhòr a choireigin a dh'fhalbh leotha.

Tha ùidh fhathast san sgeulachd, rud a tha a' fàgail na coimhearsnachd a' beachdachadh air an taigh ann am Breascleit a cheannach.

Cosgaisean

Chan eil fhios fhathast dè a chosgas e an taigh a cheannach neo a dhèanamh an-àirde.

Tha obair mhòr ri dhèanamh ris.

Cheannaich Comhairle nan Eilean Siar an taigh bho Bhòrd nan Taighean-Solais bho chionn iomadach bliadhna agus rinnear flataichean dheth.

Nuair a ghabh Buidheann Taigheadas Innse Gall (HHP) sealbh air taighean sòisealta nan eilean bha an taigh seo an cois a h-uile càil a bh' ann.

Cha do rinn HHP mòran leis, ge-tà.

Aon de na h-adhbharan airson sin, 's e gu bheil an taigh air a chomharrachadh mar thogalach eachdraidh ìre B agus le sin bhiodh cosgaisean agus duilgheadsan an cois a bhith ga dhèanamh an-àirde.

Tha bliadhnaichean mòra bho bha duine a' fuireach ann agus a-nis tha HHP airson a chur air a' mhargaidh.

Chaidh roghnachadh gum bu chòir an t-uachdaran coimhearsnachd, Urras Sgìre Chàrlabhaigh, a' chiad chothrom fhaighinn airson a cheannach.

Sgrùdadh

Chumar coinneamh phoblach ann am Brèascleit far an do dh'aontaich na bha an làthair gum bu chòir a' choimhearsnachd ruideigin a dhèanamh leis, gu sònraichte a' comharrachadh eachdraidh nan Eilean Flannach, agus dh'aontaich an t-urras ri sin.

Mar thoradh air sin thèid sgrùdadh ceart a dhèanamh air na cothroman agus air ceistean ionmhais.

Ach, aig an ìre seo chan eil fhios le cinnt dè thèid a dhèanamh leis.

Tha beachd làidir ann gum bu chòir ruideigin air choirieigin a dhèanamh co-cheagailte ri sgeulachd iongantach nan Eilean Flannach.

Carragh-chuimhne

Tha planaichean eile aig ìre adhartaich eachdraidh nan eilean a chomharrachadh.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Bhrèascleit a' cur an-àirde carragh-chuimhne aig bàrr a' chladaich sa bhaile.

Tha iad an dòchas gum bi sin deiseil ro dheireadh na bliadhna.

Tha planaichean aca cuideachd 'son taisbeanadh a chur an cois na carragh-cuimhne.