Àrdachadh tuarastail air iarraidh san NHS

  • 30 An Lùnasdal 2017
Suaicheantas NHS na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh air Rùnaire na Slàinte tuarastal an fheadhainn a tha ag obair ann an seirbheis slàinte na Gàidhealtachd àrdachadh.

Togaidh an t-aonadh Unison fianais aig sgrùdadh bhliadhnail bhòrd-slàinte na Gàidhealtachd nas fhaide dhen t-seachdain.

Thèid sgrùdadh bhliadhnail bhòrd-slàinte na Gàidhealtachd a chumail san Aghaidh Mhòir Diardaoin.

Tha dùil gum bi Rùnaire na Slàinte neo ministear riaghaltais an làthair.

Togaidh an t-aonadh Unison sa Ghàidhealtachd fianais mus tòisich a' choinneamh.

Tha dragh orra nach eil ach àrdachadh de 1% gach bliadhna air a bhith ann an tuarastal an luchd-obrach san t-seirbheis slàinte bho 2013.

Thuirt Janette McQuiston bhon aonadh gu bheil mì-thoileachas mòr ann mu dheidhinn.

Dh'iarr i gum faigheadh an luchd-obrach àrdachdh air a bheil iad airidh.

Mura tig àrdachadh air an tuarastal, thuirt i gum fàgadh barrachd luchd-altraim agus dhotairean an t-seirbheis slàinte.