Factaraidh ùr san amharc ann an Sgalpaigh

  • 29 An Lùnasdal 2017
Làrach na factaraidh
Image caption Tha an luchd-obrach air a bhith ag obair a-muigh gun fasgadh togalaich bho chaidh an fhactaraidh na theine as t-Earrach.

Tha factaraidh ùr san amharc ann an Scalpaigh na Hearadh air an làraich far an deach tè a losgadh gu dona na bu thràithe air a' bhliadhna.

'S e a' chompanaidh Net Services Scotland a tha ga cur air adhart agus iad a' cur feum air goireas ùr dhan luchd-obrach.

Cosgaidh an togalach ùr mu £1m.

Chaidh an togalach, a bh' air a chleachdadh leis a' chompanaidh airson lìn thuathanasan bhradan a ghlanadh, a mhilleadh gu dona aig deireadh a' Ghiblein.

Bha sgiobaidhean còig carbadan-smàlaidh a' strì ris an teine.

Image caption Chaidh an togalach a cheannach le Net Services Scotland ann an 2008.
Image caption Thòisich an teine feasgar Dihaoine an 28mh den Ghiblean an dèidh dhan luchd-obrach air fad a dhol dhachaigh.
Image caption Chaidh an taobh a-staigh a mhilleadh gu tur.
Image caption Cha deach duine a ghoirteachadh san teine.

Chaidh an togalach a sgrios agus chaidh a leagail gu làr.

Bha an togalach cuideachd air a chleachdadh airson innealan-cìuil fèis ionadail a stòradh.

Chaidh iad sin a mhilleadh cuideachd.

Aig aon àm bha dragh ann nach deadh an fhèis air adhart san Iuchar.

Ach, an dèidh iomairt, fhuair an fhèis airgead gu leòr, agus innealan-ciùil mar thabhartasan, airson an tachartas a chur air adhart.

Factaraidh ùr

Thuirt manaidsear Net Services Scotland ann an Sgalpaigh, Iain MacLeòid, gun robh iad an dòchas an togalach ùr a chur air làrach na seann fhactaraidh.

"Dh'innis na h-ailtirean dhuinn gum faodadh gun cosg an togalach ùr mu mhillean Not, ach tha sinn an dòchas nach cosg e uimhir ri sin," thuirt e.

Fo na planaichean a th'aca dh'fhaodadh an obair aca dùblachadh.

Tha an t-iarrtas airson cead-dealbhachaidh air a dhol a-steach agus tha a' chompanaidh an dòchas fios fhaighinn mu dheidhinn sin taobh a-staigh ochd seachdainnean.

Ma shoirbhicheas leotha tha iad an dòchas gun tòisich an obair-togail ro dheireadh na bliadhna agus gum bi i deiseil as t-Earrach an ath-bhliadhna.

Leis gu bheil an togalach ga dhealbhachadh airson obair na companaidh cha bhi goireas neo stòr coimhearsnachd ann tuilleadh.