Duilgheadasan parcaidh Ospadal an Ràthaig Mhòir

  • 29 An Lùnasdal 2017
Ospadal an Rathaig Mhòir

Chuirear planaichean airson dà raon-parcaidh ùr aig Ospadal an Ràthaig Mhòir a dhara taobh rè ùine ri linn cion airgid aig NHS na Gàidhealtachd.

Tha euslaintich air a bhith a' gearain gu bheil iad gu math tric a' dol mu chuairt an raoin-pharcaidh a th' ann fad ùine mhòir mus fhaigh iad àite.

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad mar thà airson dà raon-parcaidh aig an ospadal.

Ach tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil ionmhas gu leòr aca airson an obair a dhèanamh am-bliadhna.

Thuirt iad gun tèid coimhead ris a-rithist an ath-bhliadhna.

Cion airgid

Ghabh Iar-Stiùiriche na h-Obrach aig Ospadal an Ràthaig Mhòir, Katherine Sutton, ris nach eil an raon-parcaidh mòr gu leòr, agus thuirt i gun robh e na bhriseadh dùil nach b' urrainn dhaibh am pròiseact a thoirt air adhart.

"Tha mi air cluinntinn gu pearsanta mun uallach a bharrachd a tha e a' cur air euslaintich agus luchd-tadhail nuair a tha iad a' feuchainn ri àite a lorg.

"Tha mi duilich nach urrainn dhuinn seo a thoirt air adhart aig an ìre seo, ach tha e do-dhèanta dhuinn a dhèanamh ri linn suidheachadh ionmhais a' bhùird," thuirt i.

Chuir am bòrd-slàinte ìmpidh air daoine a-rithist gun a bhith a' cleachdadh an raoin-pharcaidh ach nuair a tha iad a' dol dhan ospadal.

Tha aithrisean air togail ceann a-rithist gu bheil daoine a' fàgail nan carbadan aca ann an sin agus a' gabhail a' bhus a-steach am baile.