Là mòr eile dha na Sgitheanaich

  • 31 An Lùnasdal 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Seonaidh MacCoinnich a' bruidhinn ri Sarah Jane NicFhearghais às an Eilean Sgitheanach is Alison Nic a' Phiocair à Loch Abar.

Às dèidh oidhirp mhath ach briseadh-dùil dha na fireannaich an t-seachdain seo chaidh, feuchaidh boireannaich an Eilein Sgitheanaich ri cupa mòr a thogail Disathairne.

Tha na Sgitheanaich air ais sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil - Cupa Camanachd nam Ban - is iad ag amas air a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

Chaill iad 3-2 ri Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal sa chuairt dheireannaich ann an 2014, agus 4-2 ri Loch Abar aig an dearbh ìre an-uiridh.

Là sònraichte a bha sin do dha na h-Abraich fhèin is prìomh dhuais na spòrs acasan 'son a' chiad turas.

Coinnichidh na sgiobaidhean a-rithist sa chuairt dheireannaich am-bliadhna, is tha iad ri chèile a' dol a-steach dhan gheama ann an sunnd.

Thug Loch Abar droinneadh 13-0 air Obar Dobhair san iar-chuairt dheireannaich.

Bha na Sgitheanaich nas cruaidhe buileach air Lòbhat - gam pronnadh 23-1 - ged a bha trioblaidean aig Lòbhat sgioba fhaighinn an là ud is dìreach ochdnar air gach taobh air a' cheann thall.

Tha na h-Abraich is Sgitheanaich cuideachd a' dol gu math san lìog is iad ri chèile le deagh chothrom a bhuannachadh.

Tha iad gun coinneachadh air an t-seusan thuige seo.

Tòisichidh an geama aig an Àird sa Ghearasdan aig 3f Disathairne.

Nas tràithe air an là, bidh Gleann Garadh fhèin an aghaidh Àird nam Murchan sa Chupa Dùbhlan aig 1f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile