Comann Eachdraidh òigridh do dh'Uibhist

  • 29 An Lùnasdal 2017
Taigh-Tasgaidh Chill Donnain Image copyright Barbara Carr/Geograph

Bidh cothroman aig barrachd òigridh a dhol an sàs ann an tachartasan aig taigh-tasgaidh an Uibhist a Deas às dèidh obair-leasachaidh a fhuair taic £100,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE).

Tha Urras Eachdraidh Uibhist a Deas (UEUD) - aig a bheil Taigh-Tasgaidh Chill Donnain - a-niste air obair leasachaidh luach £800,000 a thoirt gu ceann.

Rinneadh an togalach nas motha, agus thathas cuideachd air a sgeadachadh a-muigh 's a-staigh.

Gheibh òigridh cothrom air a dhol an sàs ann an cuairtean mun taigh-thasgaidh - le stiùireadh ri fhaighinn ann an diofar chànanan - agus Comann Eachdraidh òigridh ga stèidheachadh.

Thuirt Raonaid NicCoinnich, manaidsear sgìre nan Eilean Siar aig HIE: "Tha leasachaidhean cultarail, ealain agus dualchais a' cur ri cho sònraichte, tarraingeach 's a tha na h-Eileanan againn. Tha sinn toilichte dha-rìribh a bhith a' cur taic ris a' phròiseact seo.

"Le taic-airgid £5m cuideachd ga chur ri caladh Loch Baghasdail, le goireasan ùra ann dha bàtaichean, tha sinn a' sùileachadh gum faic sinn àrdachadh san àireimh de dhaoine a tha a' tadhal air an sgìre.

"Tha an t-Urras ag amas air fàs mòr leantainneach agus tha cha dèan am pròiseact seo ach cuideachadh gus eaconamaidh is seasmhachd na sgìre iomallaich seo a neartachadh."

Thuirt cathraiche UEUD Raghnall MacFhionghain: "Tha sinn toilichte dha-rìribh an cruinneachadh againn a thaisbeanadh san taigh-tasgaidh a thathas air ùrachadh is leasachadh.

"Bu mhath leam taing a thoirt dha na daoine a tha ag obair gu saor-thoileach dha UEUD, daoine a tha air oidhirp mhòr a dheànamh gus am pròiseact a choileanadh.

Bu chaomh leam cuideachd taing a thoirt dha na buidhnean a thug dhuinn maoineachadh mu choinneimh nan leasachaidhean.

"Tha am pròiseact seo a' toirt dhuinn cothrom air an dualchas againn a ghlèidheil 'son nan ginealaichean ri teachd agus 'son ionnsachadh a thoirt dha daoine mu dhualchas sònraichte Uibhist a Deas."