"Cothromachadh a dhìth" air càradh rathaidean

  • 29 An Lùnasdal 2017
Bealach na Bà Image copyright Stuart Logan/Geograph

Tha ceannard Companaidh Coimhearsnachd na Comraich air iarraidh gun tèid barrachd aire a thoirt do staid nan rathaidean san sgìre, agus Drochaid ùr Linne Fhoirthe a-niste ullamh.

Thuirt Alison NicLeòid gu bheil in-ionmhas a dhìth san aithghearrachd air rathaidean leithid Bealach na Bà, a bhios na ceudan de charbadan luchd-turais a' cleachdadh a h-uile là.

Thuirt i gur e glè bheag de bhuannachd a gheibh mòran air Ghàidhealtachd bhon drochaid ùr air Linne Fhoirthe, 's gu bheil thìde ann a-niste maoineachadh rathaidean a chothromachadh ann an sgìrean iomallach.

"Tha e a' sìor fhàs nas doirbhe fhulang," thuirt i.

"Chan e a-mhàin gu bheil àrdachadh mòr uabhasach air an àireamh de luchd-tadhail dhan àite - chan eil sgilinn ga chosg air na rathaidean.

"San àm a dh'fhalbh, ged is e rathaidean bunaideach singilte a th' air a bhith ann, bha iad air an deagh chumail.

"Ach o chionn grunn bhliadhnaichean a-niste, is coltach nach deach mòran - ma chaidh dad idir - a chosg orra, a thuilleadh air tuill a lìonadh le teàrr.

"Cha sheas sin. Le barrachd is barrachd trafaig air na rathaidean gun dad ga chosg orra.

"Tha feansa-bacaidh, mar eisimpleir, a tha gu math meirgeach, 's e air a cheangail air ais le pìos ròpa.

"Tha e air a bhith mar sin o chionn 's dòcha còig bliadhna, shuas faisg air mullach na beinne.

"Cha ghabh leithid sin cumail a' dol," thuirt i.

Thuirt labhraiche às leth Riaghaltas na h-Alba:

"Tha buannachdan mòra dha-rìribh an cois an North Coast 500 a thaobh turasachd agus na h-eaconamaidh ionadail, ged a tha sinn ag aithneachadh gu bheil e a' cur tuilleadh uallaich air bun-structar nan rathaidean san sgìre.

"Fhad 's gur ann an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd a tha na rathaidean air a bheileas a' toirt iomradh air a' Chomraich, agus air Taobh Siar Rois san fharsainneachd, tha Riaghaltas na h-Alba na phàirt den bhuidhinn obrachaidh ro-innleachdail a tha an urra ri prìomhachasan aithneachadh airson na slighe, bun-structar rathaidean nam measg.

"Bha Rùnair a' Chaibineit airson Turasachd aig coinneimh den bhuidhinn, a th' air a stiùireadh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus anns a bheil buidhnean poblach leithid na Comhairle an sàs, san Iuchar, agus tha còmhraidhean a' leantainn gus fuasglaidhean fhaighinn dha na duilgheadasan".