Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coirea a Tuath

Bidh coinneamh èiginneach aig Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte an-diugh an dèidh do Choirea a Tuath urchair a losgadh os cionn Iapan. Chaidh rabhadh a ghairm, 's chaidh iarraidh air an t-sluagh fasgadh a ghabhail nuair a chaidh an t-urchair os cionn Eilein Hokaido ann an ceann a tuath Iapan mus tàinig e a-nuas anns a' mhuir.

Stoirm Harvey

Gheall an Ceann-Suidhe Trump taic dha na Stàitean air an do bhuail an stoirm mhòr Harvey. Tha oifigich den bheachd gum feum cha mhòr leth mhillean duine cuideachadh an dèidh nan tuiltean. Tha Mgr Trump a' dol gu ruige Teagsas an-diugh - an stàit as miosa a dh'fhulaing.

Amannan Feitheimh

Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba plana ùr gus nach bi euslaintich a' feitheamh cho fada airson sealltainn riutha ann an seirbheis na slàinte. Tha figearan ùra ag ràdh gun robh àrdachadh mu 10% ann air a' bhliadhna a chaidh seachad san àireamh dhaoine a bha a' feitheamh còrr is trì mìosan airson cùisean neo-èiginneach leithid obair-lannsa. 'S e dìreach ochd anns gach deich euslainteach ris an deach sealltainn an taobh a-staigh na h-ùine sin air a bheil an Riaghaltas ag amas eadar an Giblean agus an t-Ògmhios am-bliadhna.

Pàigheadh Àrd-Oifigeach

Dh'fhoillsich an Riaghaltas fiosrachadh an-diugh mu na planaichean airson tuilleadh soilleireachd ann am pàigheadh àrd-oifigeach. Thig air companaidhean a th' air Clàr Margaidh Earrainnean Lunnainn innse gu poblach dè tha ceannardan a' cosnadh, agus ciamar a tha sin an coimeas ri pàigheadh luchd-obrach àbhaistich.

Cùiltearachd Dhaoine

Chaidh iomairt a chur air bhonn airson sealltainn nach ann a-mhàin am bailtean mòra na h-Alba a tha buidhnean a tha ri cùiltearachd dhaoine ag obair. Tha àireamhan oifigeil a' sealltainn gun do thachair a leithid ann an àiteachan mar an Apainn ann an Earra-Ghàidheal, agus ann an Alamhagh ann an Siorrachd Chlach Mhanann.

Fo-Thaghadh

Tha sianar a' seasamh ann am fo-thaghadh airson àite air Comhairle na Gàidhealtachd a' riochdachadh Bhaile Dhùthaich agus Taobh Sear Rois. Leig an Comhairliche a bh' ann, Jamie Stone, dheth an dreuchd an dèidh a thaghadh mar Bhall-Pàrlamaid do Ghallaibh, Cataibh agus Taobh Sear Rois, anns an Taghadh Choitcheann anns an Ògmhios. Bidh am fo-thaghadh ann air Diardaoine a 28mh là den t-Sultain.