Sianar a' seasamh am fo-thaghadh

  • 29 An Lùnasdal 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha sianar a' seasamh ann am fo-thaghadh airson àite air Comhairle na Gàidhealtachd a' riochdachadh Bhaile Dhùthaich agus Taobh Sear Rois.

Leig an comhairliche a bh' ann, Jamie Stone, dheth an dreuchd an dèidh a thaghadh mar Bhall-Pàrlamaid do Ghallaibh, Cataibh agus Taobh Sear Rois, anns an Taghadh Choitcheann anns an Ògmhios.

'S iad an sianar:

• Harry Christian - Pàrtaidh Libeirtèireach na h-Alba

• Gerald Holdsworth - Neo-eisimeileach

• Stan Peace - Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP)

• Alasdair Rhind - Neo-eisimeileach

• Eva Short - Pàrtaidh Tòraidheach agus Aonaidheach na h-Alba

• William Sinclair - Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

Bidh am fo-thaghadh ann air Diardaoin a 28mh là den t-Sultain.