Cùiltearachd dhaoine an sgìrean iomallach

  • 29 An Lùnasdal 2017
Boireannach le a ceann na làmhan

Tha buidhnean a bhios ri cùiltearachd dhaoine air a bhith ag obair ann am feadhainn de na sgìrean as lugha, agus as iomallaiche, de dh'Alba.

Nochd fiosrachadh ùr oifigeil gu bheil an trioblaid a' bualadh air sgìrean leithid Earra-Ghàidheal agus Siorrachd Chlach Mhanann, 's chan ann a-mhàin air bailtean-mòra.

Tha na buidhnean seo a' toirt dhaoine a-steach dhan dùthaich, far an tèid iarraidh orra obair leithid siùrsachd a dhèanamh.

Tha iomairt ùr ga foillseachadh airson sealltainn do dhaoine nach ann a-mhàin ann am bailtean mòra na h-Alba, leithid Glaschu is Dùn Èideann, a tha seo a' tachairt.

Sheall figearan gu bheil cùiltearachd den t-seòrsa seo a' tachairt san Apainn ann an Earra-Ghàidheal agus ann an Almhagh Beag, ann an Siorrachd Chlach Mhanann.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' feuchainn ri dèiligeadh ris an trioblaid agus ministearan ag ràdh gu bheil iad airson cur às do chùiltearachd san dùthaich uile gu lèir.