Taic 'son gluasad thancaichean an Steòrnabhagh

  • 29 An Lùnasdal 2017
Caladh Steòrnabhaigh Image copyright Ùghdarras Port Steòrnabhaigh

Thuirt Àrd-oifigear Sheirbheis Smàlaidh na h-Alba gun cuir iad an taic ri oidhirp air tancaichean-stòraidh ola 's ghas a ghluasad a-mach à meadhan baile Steòrnabhaigh.

Tha cothrom ann le planaichean Ùghdarras Port Steòrnabhaigh airson leasachadh mòr aig Glumaig ri taobh Rubha Àranais na tancaichean a ghluasad.

Chaidh beachdachadh air seo mu thràth airson meadhan a' bhaile a dhèanamh nas sàbhailte agus leasachadh a leigeil air adhart, ach cha tàinig sin gu buil.

Thuirt cathraiche an ùghdarrais, Murchadh Moireach, gur e rud a th' ann a tha duilich a dhèanamh leis fhèin.

"Bha e duilich a h-uile càil fhaighinn ri chèile agus an t-ionmhas fhaighinn, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil cothrom ann a-nis air sgàth gu bheil ùghdarras a' phuirt a' coimhead ri caladh ùr thall ann an Àranais agus cuideachd air sgàth gu bheil a hàidro ann an sin mar tha le ola aca a thaobh nan cruthadairean dealain aca.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e cothrom a bhiodh ann sùil ùr a thoirt air a' ghnothach, oir dhèanadh e feum mòr dhan bhaile chan ann a-mhàin a thaobh maisead ach cuideachd a thaobh 'exclusion zone' agus na rudan a dh'fhaodadh a bhith air a dhèanamh sa bhaile nam b' e agus gun robh na tacaichean air an gluasad," thuirt Mgr Moireach.

Sàbhailteachd

A thuilleadh air a bhith a' cur bacadh air leasachadh san sgìre tha ceistean ann mu shàbhailteachd cuideachd.

"Chan e gu bheil sinn a' coimhead airson tubaist tachairt ach dh'fheumte a bhith mothachail gum faodadh buaidh mhòr a bhith aig rudan gu h-àraid air sgàth 's gu bheil pìoban cuideachd a' dol fon talamh timcheall ann an seo agus 's e dìreach cothrom a th' ann agus bhiodh sinn a' coimhead ris a h-uile buidheann a tha a' gabhail gnothaich ris agus a' toirt sùil gheur air dè a ghabhadh a dhèanamh agus an cothrom seo ann," thuirt Mgr Moireach.

Tha Àrd-Oifigear Smàlaidh na h-Alba, Alasdair Hay, ag ràdh gu bheil iad-san a' gabhail ùidh sa chùis agus gu bheil iad airson rud sam bith a bhrosnachadh a chuireadh ri sàbhailteachd, eaconamaidh agus goireasachd an eilein.

Cothrom

Chan eil ann ach beachdan aig an ìre seo agus leanaidh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh lem planaichean feuchainn ri caladh a thogail ann an Àranais, fiùs mura tèid gluasad air adhart le na molaidhean airson nan tancaichean-stòraidh.

"'S e a th' ann ach dìreach cothrom. Bidh am port a' coimhead ri dol air adhart leis na gnothaichean aca fhèin agus dh'fhaodadh sin gabhail a-steach na h-uiread de dh'ola a-muigh ann an Àranais.

"Ach aig deireadh an là 's e cothrom a tha seo agus dh'fheumadh tòrr bhuidhnean a bhith timcheall air mus tachradh càil.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an Riaghaltas mothachail co-dhiù air an t-seòrsa cunnart a th' ann agus tha mi an làn-bheachd gum biodh iad-san taiceil nam b' e agus gum biodh e comasach rudeigin a dhèanamh."