Gas dhachaighean ann am Farrais ga chur dheth

  • 29 An Lùnasdal 2017

Thugar fireannach, aois 26, an grèim ann am Farrais an dèidh tachartais a dh'fhàg gum b' fheudar an gas do mu 80 dachaigh a chur dheth air sgàth adhbharan sàbhailteachd.

Chaidh cuid de dhachaighean faisg air làimh fhalmhachadh cuideachd.

Chaidh na Poilis a ghairm gu Sràid Stiùbhairt sa bhaile mu 9:00f oidhche Luain.

Chuir oifigearan bacadh air daoine bho a bhith a' faighinn a-steach gu togalach le flataichean agus bha poilis aig an làraich gu mu 02:30m.

Thugar duine an grèim taobh a-staigh fear de na flataichean.

Thuirt na Poilis nach deach duine a ghoirteachadh agus gu bheil an rannsachadh a' leantainn.

Thathas a' tuigsinn gun robh a' Chomhairle an sàs ann a bhith a' cur air dòigh àitichean-fuirich do dhaoine a b' fheudar an dachaighean fhàgail.

Tha dùil gun tèid gas a thilleadh gu dachaighean Dimàirt,