Obair-càraidh air an A832 a' leantainn

  • 29 An Lùnasdal 2017

Tha an obair-càraidh air fear de na prìomh rathaidean chun an iar air Ghàidhealtachd, a' leantainn.

Rinn tuiltean sgrios mòr air an A832, eadar Coire Muillidh agus Loch Liuchairt.

Chaidh an rathad a dhùnadh gu siar air a' Ghoirtean an dèidh mar a chaidh pìos den rathad a sguabadh air falbh agus thàinig maoim-slèibhe a-nuas air earrann eile dheth oidhche Haoine.

Thàinig air dràibhearan slighe eile a ghabhail.

Dh'fhosgail an rathad feasgar Disathairne, ach tha solais trafaig a-nis air an t-slighe.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun deach 20 meatair den rathad aig Coire Muillidh a mhilleadh.

Tha a' Chomhairle an dòchas gum bi an obair sin ullamh tron là Dimàirt.

Chaidh 70 meatair den rathad aig Loch Liuchairt a mhilleadh.

Tha iad ag ràdh gun tèid sin a chàradh Diciadain agus tha iad an dòchas gum bi iad deiseil dheth sin Dihaoine.