Bàs fear an Inbhir Nis neo-amharasach

  • 28 An Lùnasdal 2017

Tha na poilis a bha a' rannsachadh bàs duine ann an Inbhir Nis an t-seachdainn-sa chàidh, air dearbhadh nach eil amharas eucoir ann.

Chaidh Murchadh MacFhionghainn, 78, fhaighinn marbh na dhachaigh ann an Corran Cheann t-Sàile Diluain an 21mh den Lùnastal.

Bha na poilis a' dèiligeadh ri bhàs mar chùis neo-dhearbhte, agus thuirt iad Diluain nach eil iad amharasach mu dheidhinn, ged a tha a' chùis fhathast neo-dhearbhte.

Tha an Det Àrd Insp, Iain Mac a' Ghobhainn ag ràdh: "Tha sinn air rannsachadh farsaing a dhèanamh sna làithean a chaidh agus faodaidh mi dearbhadh a-nis nach eil sinn air eucoir sam bith a thoirt am barr".

Thathas air a bhith ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic neo a bhruidhinn ri Mghr MacFhionghainn sna làithean mus do bhàsaich e, fios a chur orra.

Thuirt iad gu bheil rannsachadh a' leantainn anns a' choimhearsnachd feuch adhbhar a' bhàis a dhearbhadh.

Thathas a' tuigsinn gur e banntrach a bh'ann am Mghr MacFhionghainn.