Dùil ri fear sa chùirt mu thubaist A9

  • 28 An Lùnasdal 2017
Poileas Alba

Dhearbh Poileas na h-Alba gun deach fear aois 53 a chur fo chasaid an co-cheangal ri mar a bhuail dà chàr na chèile air an A9 Disathairne.

Thugadh triùir chloinne - 4, 6 agus 8 bliadhna de dh'aois agus fireanach aois 41 dhan ospadal ann an Inbhir Nis, às dèidh na cùis faisg air an Rath Liath.

Bha iad uile air a bhith a' siubhal gu tuath ann an car Vauxhall Zafira.

Chaidh boireanach, 53, a bha a' siubhal ann an Land Rover Discovery cuideachd a thoirt dhan ospadal.

Tha dùil ris an duine a tha fo chasaid mun chùis ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis, Dimàirt (29mh Lunastail)

Tuilleadh air an sgeulachd seo