Co-chomhairle air laghan croitearachd ùrachadh

  • 28 An Lùnasdal 2017
Croitean Image copyright Getty Images

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air planaichean 'son ùrachadh air lagh na croitearachd, a tha fhathast stèidhichte air Achd 1886.

Tha mòran a tha an sàs ann an croitearachd ag ràdh gu bheil an lagh a th' ann seann-fhasanta agus toinnte.

Thuirt an Riaghaltas gum beachdaich iad air a h-uile roghainn bho bheagan sgioblachaidh air an reachdas a th' ann gu bile gu tur ùr.

Tha dùil gu bheil mu 33,000 neach a' faighinn cosnaidh gu ìre air choireigin co-cheangailte ri croitearachd.

Ach tha dragh air cuid gu bheil na laghan a chaidh a dhealbhachadh 'son croitearachd a dhìon ro thoinnte.

Thuirt ministearan ann an Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad airson beachdan dhaoine a chluinntinn thairis air na 12 seachdain a tha romhainn.