Aonta mu shuaicheantas mhalairt Ghlinn Chomhann

  • 28 An Lùnasdal 2017
Gleann Comhann Image copyright Getty Images

Thàinig Urras Nàiseanta na h-Alba agus companaidh a tha a' reic aodaich gu aonta mu shuaicheantas mhalairt.

Dh'iarr luchd-lagha dhan Urras air a' chompanaidh Hilltrek ann an Ath Bèidh, an Siorrachd Obar Dheathain, sguir a reic seacaid air a bheil an t-ainm 'Glencoe'.

'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Gleann Comhann, agus tha iad air còirichean malairt an ainm a chlàradh.

Ràinig an dà thaobh aonta fo am faod Hilltrek cumail orra a' reic nan seacaidean.