Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teagsas

Dh'iarr na h-ùghdarrasan ann an Houston anns na Stàitean Aonaichte air na deichean mhìltean eile de mhuinntir a' bhaile an dachannan fhàgail agus an tuil a' sìor èirigh le stoirm mhòir Hurricane Harvey. Tha Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte a' cur 3,000 saighdear dhan sgìre a thoirt cuideachadh dha na h-ùghdarrasan. Tha còrr is dà throigh gu leth de dh'uisge air tuiteam mar thà, agus tha dùil ri tuilleadh.

Lagh na Croitearachd

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air planaichean airson ùrachadh air lagh na croitearachd a tha fhathast stèidhichte air Achd 1886. Tha na croitearan fhèin am measg na tha a' gearain gu bheil an lagh seann-fhasanta agus toinnte. Thuirt an Riaghaltas gum beachdaich iad air a h-uile roghainn bho bheagan sgioblachaidh air an reachdas a th' ann, gu bile gu tur ùr.

Tubaist an M1

Thèid dràibhear làraidh mu choinneimh na cùirte an-diugh an dèidh na tubaiste air rathad an M1 faisg air Newport Pagnell ann am Buckinghamshire sa mhadainn Disathairne anns an do chaill ochdnar am beatha. Tha Ryszard Masierak, a tha 31 bhliadhna de dh'aois, fo chasaid gun do dh'adhbharaich e bàs le dràibheadh cunnartach, agus a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

Slàinte-Inntinne

Tha Comann Slàinte-Inntinne na h-Alba ag ràdh nach eil òigridh an Alba a' faighinn an aon sheòrsa taic anns na sgoiltean 's a th' ann an sgìrean eile den Rìoghachd Aonaichte. Fhuair sgrùdadh a rinn am BBC gu bheil trì chairteal de mhillean chloinn-sgoile an Alba gun chothrom air seirbheisean comhairleachaidh, agus gu bheil cha mhòr leth de na h-ùghdarrasan ionadail aig nach eil na seirbheisean sin sna sgoiltean aca. Chaidh ath-sgrùdadh nàiseanta a ghealltainn ann an Straiteididh airson Slàinte-Inntinne, a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid.

Trèanadh Thidsearan

Thuirt an carthannas Teach First, a tha a' trèanadh thidsearan agus gan cur a theagasg anns na sgoiltean an taobh a-staigh sia seachdainnean gu bheil iad an dùil bruidhinn ri oilthighean ann an Alba mu chùrsa trèanaidh a stèidheachadh an Alba. Tha an carthannas a' fastadh dhaoine a th' air ceumnachadh agus gan trèanadh airson teagaisg ann an sgìrean bochda ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Thuirt àrd-rùnaire an aonaidh teagaisg EIS, Larry Flanigan, nach e sin an t-slighe air adhart ge-tà, ann an Alba.

Gleann Comhann

Thàinig Urras Nàiseanta na h-Alba agus companaidh a tha a' reic aodaich gu aonta mu shuaicheantas mhalairt. Dh'iarr luchd-lagha dhan Urras air a' chompanaidh Hilltrek an Ath Bèith, sguir a reic seacaid air a bheil an t-ainm Glencoe. Ach ràinig iad aonta a-niste fo am faod Hilltrek cumail orra a' reic na seacaid sin.

Gràin-Creidimh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad deònach bruidhinn air draghan mu chuid den lagh a tha a' cur casg air gràin creidimh aig geamaichean ball-coise, ach nach cuir iad às dhan achd. Tha seo an dèidh do Chomataidh a' Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba beachdan iarraidh bho luchd-taice agus buidhnean anns a' gheama air an achd a chaidh a stèidheachadh bho chionn ceithir bliadhna.