Togalach ùr coimhearsnachd air fàire an Tolastadh

  • 28 An Lùnasdal 2017
Tolastadh bho Thuath Image copyright Anne Burgess/Geograph

Thathas ag iarraidh togalach ùr coimhearsachd a thogail ann an Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas, agus na tha de dh'iomairtean san sgìre a' sìor dhol am meud.

Le airgead bho chrann-gaoithe, tha Buidheann Leasachaidh Tholastaidh air ochd obraichean làn-ùine a chruthachadh 's iad a-nis airson goireas ùr a chur suas a chosgas £40,000.

"An togalach a tha seo, 's e a th' ann ach garaids airson am meanbh-bhus, agus trèalairean a th' againn a chumail, 's marquee, caisteal bocadaich, agus dhà no trì rudan eile," thuirt Murchadh MacÌomhair, a tha na stiùiriche air a' bhuidhinn.

"Togalach mòr a tha gu bhith ann le frèama stàilinn.

"Tha e gu bhith a-muigh far a bheil an sgiob, faisg air an fhang," thuirt e.

'S ann leis a' choimhearsnachd a bhios an togalach, agus bidh cothrom aig buidhnean coimhearsnachd a chleachdadh.