An Lìog le Saints an Iochdair

  • 28 An Lùnasdal 2017
Saints an Iochdair

Bhuannaich Saints an Iochdair Lìog Uibhist is Bharraigh.

Rinn Saints a' chùis 3-1 air Southend air an deireadh-sheachdain gus dèanamh cinnteach gun togadh iad an tiotal.

'S iad Ally Downie (2) is Aonghas Caimbeul a fhuair na tadhail dhaibh.

B' e seo a' chiad turas a bhuannaich Saints an lìog bho 2014.

'S e cuideachd an còigeamh turas a shoirbhich iad anns na seachd seusanan mu dheireadh.

Thog Barraigh an tiotail ann an 2015 is 2016.