Cobhair air duine 230 mìle bho thìr

  • 28 An Lùnasdal 2017
Heileaoptair

Rinn heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh cobhair air fear de chriutha bhàt'-iasgaich ann an iomairt fada far nan Eilean Siar.

Sgèith an heileacoptair 230 mìle bho Steòrnabhagh airson am bàt-iasgaich a ruighinn.

Chaidh itealan eile leis na Maoir-Chladaich na cois airson taic a chumail rithe.

Bha an duine air a làmh a ghoirteachadh.

An dèidh dhan heileacoptair Steòrnabhagh a ruighinn chaidh an duine a chur air itealan eiridinn agus a thoirt dhan ospadal.

Thuirt Dai Jones bho Mhaoir-Chladaich na Rìoghachd Aonaichte gun tàinig orra an t-itealan a chur an cois an heileacoptair leis gun robh am bàta cho fada air falbh bho thìr.

"Tha sinn an-còmhnaidh toilichte a bhith mar phàirt de dh'iomairt cobhair a dhèanamh air daoine agus tha sinn an dòchas gum fàs an duine seo nas fheàrr a dh'aithghearr," thuirt e.