Davies 'son cùisean a dhèanamh doirbh do Rangers

  • 25 An Lùnasdal 2017
Anndra Davies Image copyright SNS

Thuirt sgiobair Ross County, Anndra Davies, gu bheil iad ag amas air cùisean a dhèanamh glè dhuilich do Rangers ann an Inbhir Pheofharain Didòmhnaich.

Cha do chaill sgioba Jim Mhic an t-Saoir an aghaidh Rangers idir air an t-seusan a chaidh, is na sgiobaidhean co-ionnan anns na trì geamaichean a chluich iad.

Chan eil iad ri chèile air an seusan ùr a thòiseachadh ro mhath.

Chaill County ri Obar Dheathain is Tobar na Màthar, às dèidh dhaibh tòiseachadh le buaidh an aghaidh Dhùn Dè.

Rinn Rangers a' chùis air Tobar na Màthair, ach cha d'fhuair iad ach puing bho gheamaichean an aghaidh Hibs is Hearts.

Tha Anndra Davies ag ràdh gu bheil e dùil aige ri geama cruaidh.

"Gu follaiseach chan eil Rangers air tòiseachadh ro mhath, ach 's e sgioba shònraichte a th' annta agus dh'fhaodadh cùisean tionndadh dhaibh sa bhad.

"Rinn sinn math nan aghaidh an-uiridh agus tha sinn an dòchas gur ann mar sin a bhios e a-rithist.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil iad nas làidire a-nise, ach tha fios againn ma thèid sinn an sàs annta gum bi e doirbh dhaibh, is tha mi cinnteach gur e sin a nì sinn.

"Tha sinn ag amas air na trì puingean", thuirt e.

Tha Caley Thistle ag amas air trì puingean cuideachd airson sreap far bhonn an Championship.

Thèid iad gu Brechin Disathairne is iadsan an-dràsta còmhla ri ICT air aona phuing bho na trì geamaichean a chluich iad.