Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luathrachan

Tha aithisg, a bha dìomhair, mu sgainneal dust chloinne aig luathrachan ann an Obar Dheathain, a' cumail a-mach gun tug luchd-obrach aig an ionad a' char às a' bhritheamh a bha a' rannsachadh na cùise. Thàinig air Comhairle Baile Obair Dheathain an aithisg a thoirt seachad an dèidh iarrtas bhon BhBC. Thuirt a' chomhairle gun tug iad atharrachadh mòr air dòighean-obrach aig Luathrachan Hazlehead bhon uairsin.

Raqqa

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, gum feum am blàr airson baile Raqqa ann an Siria a thoirt bhon Stàite Islamaich a dhol air adhart, ged a tha feadhainn ag iarraidh fois airson cobhair air sluagh a' bhaile. Thuirt e gu bheil e gu buannachd mhuinntir Shiria gu lèir faighinn cuidhteas IS cho luath 's a ghabhas.

Gaoth

Thainig rabhadh bho Shiamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, nach tèid tuathan gaoithe ùra air adhart 's na h-eileanan gun airgead mòr air an cùlaibh. Tha ceithir bailtean croite a' cur an aghaidh phlanaichean an Urrais agus EDF airson faisg air 40 crann-gaoithe faisg air Steòrnabhagh. Tha na croitearan ag iarraidh an sgeama aca fhèin anns an aon àite agus nì Cùirt an Fhearainn co-dhùnadh air a' chùis.

AA

Tha dragh air an AA mu phlana an Riaghaltais airson deuchainn air sreath làraidhean gun dhràibhear air na rathaidean mòra. Tha iad a' moladh gum biodh suas ri trì làraidhean mora a' siubhal, le teicneolas far nach biodh a' stiùireadh ach an dràibhear anns a' chiad làraidh. Tha an AA ag ràdh nach eil rathaidhean Bhreatainn idir freagarrach airson sin, agus gum biodh e doirbh do dhràibhearan eile soidhnichean agus ceann rathaidhean eile fhaicinn.

Stoirm

Tha Texas ag ullachadh airson Hurricane Harvey 's coltas ann gur e an stoirm as miosa air tìr mòr nan Stàitean Aonaichte bho chion dusan bliadhna. Tha an stoirm fhathast aig muir beagan an ear dheas air Texas.