Dealbhan eadar-nàiseanta aig fèis air a' Ghàidhealtachd

  • 25 An Lùnasdal 2017
Dealbh le Sigga Ella Image copyright Sigga Ella
Image caption Thèid an sreath dhealbhan aig Sigga Ella, a tha air cliù a chosnadh, a thaisbeanadh aig an fhèis.

Fosglaidh fèis ealain ùr ann an Inbhir Nis air an 2na den t-Sultain mus tèid i gu naoi làraich eile sa cheann a tuath.

Bidh Flow Photofest a' taisbeanadh na h-obrach ealain aig dealbhadairean à Alba, Nirribhidh, às an Fhionnlann agus Innis Tìle.

Agus tha dùil gun tèid an taisbeanadh a leudachadh gu ionadan ealain eile.

Tha dealbhadairean às an Fhraing agus Laitbhia cuideachd air dealbhan a chur a dh'ionnsaigh na fèise.

Falaisg Image copyright Mat Hay
Image caption Thèid an dealbh 'Falaisg' aig Mat Hay a thaisbeanadh aig Flow Photofest.

Tha an fheadhainn a chuir an fhèis air dòigh ag ràdh gum bi fèill mhòr air na dealbhan aig Ragnar Axelsson, a tha air a bhith a' siubhal tro na sgìrean Artaigeach 'son faisg air 30 bliadhna, leis an t-sreath de dhealbhan a thog e de dhaoine agus àiteachan air a bheil 'Aodainnean a' Chinn a Tuath'.

Agus tha eòlaichean ealain air moladh mòr a dhèanamh air na dealbhan aig Sigga Ella de dhaoine air a bheil Syndrome Down's, cuideachd à Innis Tìle, a bhios rim faicinn aig an taisbeanadh.

Bidh an dealbhadair a' toirt òraid seachad air an fhèis air 2na den t-Sultain.

Beauty Warriors Image copyright Evija Laivina

'S ann à Laitbhia a tha Evija Laivina, ach tha i na h-oileanach aig Oilthigh na Gàidhleatachd is nan Eilean ann an Inbhir Nis.

Bidh dealbhan bhon t-sreath aicese 'Beauty Warriors', a ghlèidh duais LensCulture 'son oileanaich ann an 2017, a' nochdadh aig an fhèis.

Agus thèid dealbhan a thaisbeanadh 'son a' chiad uair a-riamh bho chruinneachadh às na h-Eileanan Farach.

Tha an sreath sin a' cur na prosbaig air crìonadh ann an àireamh an t-sluaigh am measg bhoireannach.

Chaidh na dealbhan sin a thogail le Andrea Gjestvang, a tha ag obrachadh eadar Oslo agus Berlin.

Thuirt Matt Sillars, a stèidhiche an fhèis còmhla ri Ruairidh MacCoinnich agus Pòl Caimbeul: "Nuair a thug sinn cuireadh do na dealbhadairean cliùiteach seo an obair aca a thaisbeanadh ann an ceann a tuath na h-Alba cha robh fios againn dè bha romhainn.

"Tha an taic a fhuair sinn a' cur iongnadh oirrn agus tha sinn air ar dòigh ghlan fàilte a chur air tàlant den t-seorsa seo chun na sgìre againn.

Dealbh le Ragnar Axelsson Image copyright Ragnar Axelsson
Image caption Dealbh bhon t-sreath aig Ragnar Axelsson 'Aodainnean a' chinn a tuath'.

Na còraichean uile glèidhte.