Impidh 'son seach-rathad sa Ghearasdan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Impidh 'son seach-rathad sa Ghearasdan

25 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuir Ball-Pàrlamaid Albannach agus Comhairlichean sgìre Loch Abair impidh air Còmhdhail na h-Alba fusgladh fhaighinn air na trioblaidean trafaig a tha a' toirt buaidh air a' Ghearasdan.

Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil e tric a' toirt còrr is uair a thìde faighinn bho aon taobh den bhaile, chun an taoibh eile.

Tha cuid a-rithist ag iarraidh seach-rathad a bhith air a thogail, beachd a nochd bho chionn 30 bliadhna.