Cha mhòr £1m do dh'ionad an Òbain

  • 25 An Lùnasdal 2017
Ionad Achadh na Creige Image copyright The Carlisle Kid / Geograph

Fhuair ionad coimhearsnachd anns an Òban faisg air £1m bhon Chrannchur Nàiseanta airson obair-leasachaidh.

Ghabh urras coimhearnachd smachd air seann Sgoil Achadh na Creige ann an 2015.

Thàinig sin às dèidh iomairt, is Comhairle Earra-Ghàidheal Bhòid a' beachdachadh air an togalach a reic no a leagail.

Tha an togalach a-nise ga chur feum agus ga leasachadh mar ionad ealain, chultair agus dhualchais.

Bidh taigh-fuine ann cuideachd air a' cheann thall, agus àite-bìdh airson trèanadh a thoirt do dhaoine.

Tha Urras Coimhearsnachdan an Òbain ag amas air timcheall air £3m a thogail 'son an obair a dhèanamh.

Tha iad air an dòigh le £946,000 bhon Chrannchur Nàiseanta, is iad ag ràdh gun dèan na leasachaidhean feum mòr dhan sgìre.

"An-dràsta chan eil rùm againn airson cuirmean chiùil a chur air dòigh, chan eil rùm againn airson cus dràma no dannsa a dhèanamh", thuirt Rhona NicDhùghaill, Co-Òrdanaiche Ealain an ionaid.

"Bidh àite ann cuideachd 'son stiùidiothan agus àiteachan obrach do luchd-ealain is gnìomhachasan beaga.

"Tha clasaichean iòga a' cleachdadh nan rùmaichean againn cuideachd", thuirt i.

Thathas an dòchas gum bi na leasachaidhean deiseil an ceann dà no trì bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile