Norobhìoras a' sgapadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

  • 25 An Lùnasdal 2017
norobhìoras

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil norobhìoras a-nise a' toirt buaidh air triùir euslainteach ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tha an galar dearbhte ann an dithis agus tha amharas ann gu bheil e air neach eile.

Chaidh Uard 7A a dhùnadh do dh'euslaintich ùra na bu thràithe an t-seachdain seo ri linn norobhìorais.

Thathas ag iarraidh air daoine gun tadhal air an uard idir mura h-eil e riatanach dhaibh a bhith ann.

Dh'iarr am bòrd slàinte cuideachd air daoine air an robh an galar, no a tha a' fuireach còmhla ri cuideigin air an robh e, an t-ospadal a sheachnadh 'son dà là às dèidh dhaibh a bhith seachad air comharran norobhìorais.

Tha an galar cuideachd a' sgapadh sa choimhearsnachd.

Tha Bun-Sgoil Àrd nan Saor dùinte a-rithist Dihaoine agus an galar air tighinn air sgoilearan is luchd-obrach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile