Trioblaidean trafaig sa Ghearasdan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seach-rathad ga iarraidh sa Ghearasdan 's trioblaidean ann leis an trafaig

24 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuir Ball-Pàrlamaid Albannach agus comhairlichean sgìre Loch Abar ìmpidh air Còmhdhail na h-Alba fuasgladh fhaighinn air na trioblaidean trafaic a tha a' toirt buaidh air a' Ghearasdan.

Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil e tric a' toirt còrr is uair a thide faighinn bho aon taobh dhen bhaile, chun an taobh eile.

Tha cuid a-rithist ag iarraidh seach-rathad a bhith air a thogail - beachd a nochd bho chionn deich bliadhna fichead.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.