Bàs fireannaich ann am Beàrnaraigh na Hearadh

  • 24 An Lùnasdal 2017

Chaidh fear a fhuaireas marbh ann am Bearnaraigh na Hearadh Diciadain ainmeachadh leis na Poilis.

B' e Dòmhnall MacAsgail, 73.

Chuirear iomairt teasargainn air dòigh agus aithris gun robh e a dhìth.

Chaidh corp a lorg ann an loch faisg air làimh.

Thuirt an t-Àrd-Inspeactar Gòrdan MacLeòid bho Phoilis Alba gun robh an smuaintean leis an teaghlach.

Thuirt e nach eil coltas gu bheil dad amharasach mun chùis, 's gun tèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile