"Feumaidh sinn earbsa a chosnadh" - Rae

  • 24 An Lùnasdal 2017
Pàirce Chaley Image copyright SNS

Thuirt cathraiche ùr Chaley Thistle gu bheil fios aige gum feum an cluba earbsa an luchd-leantainn a chosnadh às ùr.

Ann am brath air loidhne, thuirt Graham Rae gu bheil sin am measg nam prìomh amasan aige, còmhla ri tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

Thuirt e gu bheil glè chudromach gum bi an cluba a' conaltradh is ag èisteachd ris an luchd-leantainn, is gheall e gun toir e seachad fiosrachadh gu tric.

Dh'innis Mgr Rae gun do choinnich e ri còrr is 100 den luchd-leantainn Diluain.

Bha iad a' còmhradh 'son còrr is dà uair de thìde, thuirt e, is thog e air 25 puingean a nochd.

Gnìomh

Thuirt e gu bheil e an dùil dèiligeadh riutha air fad.

Dh'innis e cuideachd gu bheil buidseat ICT £1m nas ìsle na bha e an-uiridh às dèidh dhaibh àite sa Phrìomh Lìog a chall.

Feumaidh an cluba fuireach taobh a-staigh a' bhuiseit a th' aca, thuirt e.

Chaidh Mgr Rae a dhearbhadh mar chathraiche ùr ICT na bu tràithe air a' mhìos is e a' dol an àite Willie Fhionnlasdain.

Cha robh Mgr Fionnlasdan anns an obair ach trì mìosan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile