Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imreachd

Bha an àireamh dhaoine à dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich a thàinig a dh'fhuireach ann am Breatainn air a' bhliadhna a chaidh seachad sìos gu mòr. Bha an àireamh gu lèir, eadar na thàinig a Bhreatainn agus a dh'fhalbh, sìos an ceathramh cuid gu 246,000. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gur dòcha gur e Brexit as motha a thug buaidh air sin.

Ùghdarras Phoileas na h-Alba

Tha Àrd-Oifigeach Ùghdarras Phoileas na h-Alba, John Foley, a' fàgail a dhreuchd dìreach dà mhìos an dèidh dearbhadh gu bheil Cathraiche an Ùghdarrais, Anndra Flannigan, a' falbh. Tha càineadh ann air dòighean-obrach na buidhne, 's gu h-àraid air cion-follaiseachd. Thàinig sin gu sgrùdadh neo-eisimeileach a thuirt gun robh laigse ann an riaghladh an ùghdarrais.

An Eilbheis

Tha ochdnar a dhìth an dèidh maoime-slèibhe sna h-Alpaichean anns an Eilbheis. B' fheudar dhan t-sluagh na h-uimhir de bhailtean beaga fhàgail. Thuirt na Poilis gu bheil Gearmailtich, Ostairich, agus feadhainn às san Eilbheis am measg na tha a dhìth.

Rotterdam

Chaidh an dàrna duine a chur an grèim an dèidh dragh mu cheannairc a chuir stad air consairt ann an Rotterdam an-raoir. An dèidh fios bho na h-ùghdarrasan anns an Spàinn fhuair poilis anns an Òlaind bhana làn chanastairean gas faisg air far an robh cuirm-ciùil gu bhith.

Tuath-gaoithe

'S e an-diugh an là mu dheireadh airson beachd a chur gu Cùirt an Fhearainn air plana na companaidh EDF airson tuath-gaoithe faisg air Steòrnabhagh. Rinn còrr is 200 duine gearain oifigeil mar thà a rèir nan croitearan a tha iad fhèin ag iarraidh tuath-gaoithe a chur air an aon fhearann.

Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Tha Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis dùinte an-diugh an dèidh dhan innleachd a tha a' frasadh uisge nam biodh teine ann a dhol dheth air feadh na h-oidhche. Tha làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi i dùinte a-màireach cuideachd. Tha na h-uimhir de thrioblaid air a bhith ann leis an togalach ùr, a chosg £46m, bho dh'fhosgail i bho chionn bliadhna.

Bun-Sgoil Beinn Uabhais

Gheall Comhairle na Gàidhealtachd gur e dithis thidsearan, a' roinn na h-obrach eadar iad pàirt-ùine, a bhios os cionn clas aig Bun-Sgoil Beinn Uabhais anns an Eilean Dubh bho seo a-mach. Bha pàrantan air a bhith a' gearain gun robh ceathrar diofar thidsearan gu cunbhalach air a bhith a' teagasg an aon chlas, agus gun robh a' Chomhairle am beachd cumail orra le sin.