200 gearain air tuath-gaoithe

  • 24 An Lùnasdal 2017
Crann-gaoithe

Thuirt croitearan a tha a' strì an aghaidh phlanaichean na companaidh cumhachd EDF airson tuath-gaoithe mòr a thogail ann an Leòdhas gu bheil còrr agus 200 duine air gearain gu h-oifigeil mu dheidhinn.

'S e Diardaoin an là mu dheireadh a th' aig daoine airson gearain a chur gu Cùirt an Fhearainn mun phlana airson crainn-ghaoithe a thogail air an talamh-ionaltraidh an iar air Steòrnabhagh.

Tha ceithir bailtean croitearachd - Mealabost, Aiginis, Sanndabhaig a Tuath agus Sanndabhaig an Ear - airson an tuath-gaoithe aca fhèin a leasachadh air an talamh a chaidh a chomharrachadh le EDF.

Tha na croitearan draghail cuideachd, nan deadh an leasachadh air adhart le EDF, gun cailleadh iad còirichean càil a chur air adhart air an fhearann airson 75 bliadhna.