Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis dùinte

  • 24 An Lùnasdal 2017
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Bidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis dùinte Diardaoin is Dihaoine ri linn tuiltean.

Tha dùil gum fosgail an sgoil às ùr Diluain.

Dh'innis stiùiriche foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Alexander, gun do thòisich frasadairean smàlaidh a' cur anmoch oidhche Chiadain.

Thuirt a' Chomhairle gun robh deuchainnean gan dèanamh aig an àm air cucaran ann an Roinn Eaconamas Dachaigh na sgoile.

Thuirt iad gur e luchd-obrach bho Hub North Scotland agus Morrison Construction a bha a' dèanamh na h-obrach sin, is gu bheil a' Chomhairle airson dèanamh cinnteach gur ann orrasan a bhios uallach 'son pàigheadh 'son an sgoil a chur air ais mar bha e, agus damaiste sam bith a bh' ann.

Tha grunn thrioblaidean air a bhith ann leis an togalach ùr a chosg £46m agus a dh'fhosgail an-uiridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile