Uard dùinte aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

  • 24 An Lùnasdal 2017
norobhìoras

Thuirt ceannardan aig NHS na Gàidhealtachd gun do dhùin iad uard meidigeach ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis do dh'euslaintich ùra às dèidh dhaibh dearbhadh fhaighinn gun robh norobhìoras air euslainteach.

Tha iad ag ràdh gur dòcha gu bheil euslainteach eile ann an uard 7A a' fulang leis cuideachd.

Chaidh iarraidh air luchd-tadhail fuireach air falbh bhon uard mura h-eil e riatanach dhaibh a bhith ann.

Dh'iarr iad cuideachd air daoine air an robh an galar, no a tha a' fuireach còmhla ri cuideigin air an robh e, an t-ospadal a sheachnadh 'son dà là às dèidh dhaibh a bhith seachad air comharran norobhìorais.

Tha an galar cuideachd a' sgapadh sa choimhearsnachd.

Bidh Bun-Sgoil Àrd nan Saor dùinte Diardaoin agus Dihaoine agus an galar air tighinn air 47 duine cloinne agus air triùir den luchd-obrach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile