Bàs fireannaich ann am Beàrnaraigh na Hearadh

  • 23 An Lùnasdal 2017

Dhearbh na Poilis gun d'fhuaireas corp fireannaich às dèidh iomairt-teasairginn ann am Beàrnaraigh na Hearadh Diciadain.

Bhathas a' sireadh fireannaich a bha 73 bliadhna de dh'aois.

Chaidh corp an duine fhaighinn ann an loch faisg air làimhe.

Chaidh fios a chur gu theaghlach.

Thuirt na Poilis nach robh càil amharasach mun chùis agus gun deadh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile