Uisge trom air a' chosta an iar

  • 23 An Lùnasdal 2017
Uisge trom Image copyright Joan Irvin
Image caption Uisge a' sruthadh sìos rathad chun an taighe sa Bhàgh a Tuath.

Thug uisge trom buaidh air mòran den chosta an iar madainn Diciadain, a'fàgail chùisean doirbh do dhràibhearan.

Dh'iarr poilis anns na h-Eileanan an Iar air dràibhearan a bhith fìor fhaiceallach fhad 's a bha uisge fhathast a' laighe air na rathaidean, gu h-àraidh anns na h-Eileanan mu Dheas.

Rathad dùinte Image copyright Joan Irvin
Image caption Bha ceann-rathad Bhàgh a Tuath dùinte.
Taigh fo thuil Image copyright Joan Irvin
Image caption Uisge a' laighe timcheall taighe air Corran an Naoimh Bàrr

Chaidh seann duine a thoirt dhan ospadal às dèidh do thuil a dhol tron dachaidh aige faisg air Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Taigh fo thuil Image copyright Joan Irvin

Agus rinn na seirbheisean èiginn cobhair air teaghlach de cheathrar a bha ann am bhana-campachaidh nuair a sgaoil bruaichean Abhainn Hamara ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach mu 05:00m.

Còraichean uile glèidhte.