Beachdan gan sireadh air FTMG san Eilean Sgitheanach

  • 23 An Lùnasdal 2017
Sgoil

Iarraidh Comhairle na Gàidhealtachd beachd an t-sluaigh air crìochan a stèidheachadh 'son bhun-sgoiltean san Eilean Sgitheanach le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Mhol an stìuireadh reachdail ùr aig Bòrd na Gàidhlig air FTMG na bu thràithe am-bliadhna gum bu chòir sgìrean sgoile 'son foghlaim Ghàidhlig a bhith air an stèidheachadh.

Dh'iarr an stiùireadh gum biodh na sgìrean sa chumantas stèidhichte air crìochan a th' ann mar thà 'son foghlaim sa Bheurla.

A thaobh foghlaim sa Ghàidhlig, 's e sgìrean anns am biodh ùghdarrasan ionadail ga mheas reusanta iarraidh air pàiste aig ìre bun-sgoile siubhail airson FTMG fhaighinn.

Dh'innis aithisg a chaidh air beulaibh Comataidh an t-Sluaigh aig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain nach eil an suidheachadh a th' ann san Eilean Sgitheanach le sgìrean sgoile 'son FTMG soilleir.

Tha sia bun-sgoiltean le FTMG a' frithealadh air Àrd-Sgoil Phort Rìgh an-dràsta.

Fosglaidh Bùn-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh tràth an ath-bhliadhna, is às dèidh sin bidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' gluasad bho Bhun-Sgoil Phort Rìgh dhan sgoil ùir.

Tha a' Chomhairle 'son crìochan sgoile a stèidheachadh 'son na sgoile ùire cho luath 's a ghabhas.

Bhiodh sgìrean sgoile 'son FTMG ann 'son a h-uile sgìre air a bheil Àrd-sgoil Phort Rìgh a' frithealadh ach a-mhàin Ratharsair leis "cho fada is duilich 's a bhiodh siubhail do chloinn bun-sgoile".

Bhiodh iarrtas sam bith à Ratharsair 'son FTMG air a mheasadh fo Achd ùr an Fhoghlaim.

Tha na molaidhean mar a leanas;

  • Bhiodh na crìochan 'son Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh stèidhichte air na crìochan a th' ann airson Bun-Sgoil Phort Rìgh, Bun-Sgoil MhicDhiarmaid is Bun-Sgoil Chàrraboist.
  • Bhiodh na crìochan 'son FTMG aig Bun-Sgoil Dhùn Bheagain stèidhichte air na crìochan a th' ann airson Bun-Sgoil Dhùn Bheagain, Bun-Sgoil an Aodainn Bhàin, Bun-Sgoil a' Chnuic Bhric is Bun-Sgoil an t-Sruthain.
  • Bhiodh na crìochan 'son FTMG aig Bun-Sgoil Chille Mhoire stèidhichte air na crìochan a th' ann airson Bun-Sgoil Chille Mhòire agus Bun-Sgoil Ùige (a tha an-dràsta dùinte).
  • Bhiodh na crìochan 'son FTMG aig Bun-Sgoil an Ath-Leathainn stèidhichte air na crìochan a th' ann airson Bun-Sgoil an Ath Leathainn is Bun-Sgoil Ealaghoil.
  • Bhiodh na crìochan 'son FTMG aig Bun-Sgoil Shlèite is Bun-Sgoil Stafainn ann 'son Gàidhlig is Beurla.
  • Gum biodh na crìochan 'son FTMB mar a tha iad.

Bidh molaidhean na Comhairle rim faighinn an seo bhon 28mh den Lùnastal.

Ma thèid gabhail riutha bhiodh na crìochan ùra ann bhon Lùnastal 2018.

Bidh co-chomhairle a' dol an uairsin dhan 25mh den Damhair.

Bidh coinneamhan poblach ann am Port Rìgh air an 13mh den t-Samhain, san Ath Leathann air an 14mh den t-Samhain, agus ann an Dùn Bheagain air an 25mh den Damhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile