Athletic Steòrnabhaigh troimhe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Athletic Steòrnabhaigh troimhe

23 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuair Athletic Steòrnabhaigh troimhe dhan chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais Moldòbha às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Bhac trì tadhail gu h-aon ann an Col Uarach.

Chan eil fhios fhathast ged tha, cò chluicheas Aths sa chuairt dheireannaich aig toiseach na h-ath mhìos, is an Rubha a' deanamh ath-thagraidh an aghaidh mar a chaidh an cur a-mach às an fharpais 's iad fo chasaid cluicheadair a chleachdadh nach robh clàraichte mar bu chòir.