Seòlaidhean eadar-amail gan deasbad

  • 23 An Lùnasdal 2017
Loch nam Madadh Image copyright Richard Webb / Geograph

Dh'fhaodadh gum bi seòlaidhean eadar-amail ann eadar Ùigean Eilein Sgitheanaich agus Loch Baghasdail nuair a bhios cidhe Loch nam Madadh dùinte.

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gum bi an t-alt-aiseig dùinte bho Dhiluain an 13mh den t-Samhain gu Didòmhnaich an 19mh.

Cha bhi bàtaichean idir a' tadhal air Loch nam Madadh fhad 's a bhios an obair a' dol air adhart.

Thuirt a' Chomhairle gur e obair riatanach a tha seo agus gur e àm freagarrach den bhliadhna a th' ann a dhèanamh.

Tha iad air a bhith a' conaltradh ris a' choimhearsnachd mun ghnothach is gheall iad gun lean sin.

Dh'innis Cathraiche Comataidh Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, gun deach beachd a thogail gun gabhadh an MV Hebrides a chur eadar Ùige agus Loch Baghasdail nuair a tha Port Loch nam Madadh dùinte.

Thuirt e gu bheil còmhraidhean a' leantainn mun sin.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar is CalMac gun gabh daoine an leisgeul airson tàire sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile