Companaidh bhus air sguir a dh'obair

  • 23 An Lùnasdal 2017

Tha dùil ri troimhe-chèile air seirbheisean còmhdhail sgoile ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd Diciadain, agus a' chompanaidh bhusaichean Andrew's Shetland Eta air innse gu bheil iad air sguir a dh'obair.

Tha dùil gun toir seo buaidh air mu 400 sgoilear.

'S iad Andrew's Shetland Eta a bhios a' ruith nam busaichean do dh'Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa, Àrd-Sgoil Inbhir Ùige, Àrd-Sgoil Dhòrnaich, Àrd-Sgoil Gholspidh, Àrd-Sgoil Inbhir Ghòrdain, agus cuid de bhun-sgoiltean anns na sgìrean sin.

Ach dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun d' fhuair iad fios bhon chompanaidh ag ràdh gun tàinig obair na companaidh gu crìch oidhche Mhàirt.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri dhèiligeadh ris an t-suidheachadh, agus iad air busaichean Stagecoach a chur air dòigh airson cuid de na seirbheisean 'son madainn Diciadain.

Ach tha iad air rabhadh a thoirt seachad do phàrantan gum faodadh gum bi buaireadh ann fhathast.

Thuirt iad gum biodh fiosrachadh mionaideach mun t-suidheachadh ri fhaighinn air an làrach-lìn aca: highland.gov.uk/schoolclosures

Thuirt iad cuideachd nach bi na seirbhisean poblach a leanas ann airson co-dhiù là no dhà: seirbheis 900 eadar an Luirg agus Baile Dhùthaich, agus seirbheis 906 eadar an Luirg agus Bun Ilidh.

Thuirt iad gu bheil iad uabhasach duilich mun t-suidheachadh ach nach eil gnothach acasan ris.