Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Uisge Trom

Thug uisge trom buaidh air mòran den chosta an iar anns a' mhadainn a' fàgail chùisean doirbh do dhràibhearan. Tha poilis anns na h-Eileanan an Iar fhathast ag iarraidh air dràibhearan a bhith fìor fhaiceallach agus uisge a' làighe air na rathaidean, gu h-àraid anns na h-Eileanan mu Dheas. Chaidh seann duine a thoirt don ospadal an dèidh do thuil a dhol tron dachaigh aige faisg air Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh tràth sa mhadainn. Agus rinn seirbheisean èiginn cobhair air teaghlach de cheathrar a bh' ann am bhana-campachaidh uair a sgaoil bruaichean Abhainn Hamara ann an Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach mu 05:00m.

Tubaist-rathaid

Bhuail càr agus bus-sgoile na chèile ann an Dùn Breatann goirid ro 09:00m an-diugh. Chaidh an duine a bha a' dràibheadh a' chàir a thoirt dhan ospadal ann an Glaschu. Chaidh àireamh ghlè bheag den chloinn-sgoile a ghoirteachadh ach cha deach duine dhiubh a dhroch leòn.

Ionmhas Poblach

Sheall ionmhas na h-Alba beagan adhartais sna figearan as ùire air na tha an Riaghaltas a' cosg agus a' togail de dh'airgead. Chaidh £13.3bn a bharrachd de dh'airgead phoblach a chosg na chaidh a thogail ann an cìsean air a' bhliadhna a chaidh seachad. Tha sin sìos £1.3bn air a' bhliadhna ron sin. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheil eaconamaidh na h-Alba fhathast làidir, ged a tha feadhainn ga cur mu a coinneimh gu bheil crìonadh ann an gnìomhachas gas is ola a' Chuain a Tuath a' toirt droch bhuaidh air na figearan.

Cabhlach nan Stàitean Aonaichte

Chuir na Stàitean Aonaichte comanndair an 7mh Chabhlaich aca, an Leas-Admaral Iòsaph Aucoin, às an dreuchd an dèidh dà thubaist anns an robh call beatha anns na trì mìosan mu dheireadh. Tha deichnear mharaichean fhathast a dhìth an dèidh an tachartais mu dheireadh nuair a bhuail an soitheach cogaidh USS John S. McCain agus tancair ola na chèile faisg air Singapore.

Brexit

Chaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte às àicheadh nach eil iad a' cumail ri gealltanas gun cuir iad às do dh'ùghdarras Cùirt Cheartais na h-Eòrpa ann am Breatainn an dèidh Bhrexit. Thèid pàipear fhoillseachadh an-diugh air plana an Riaghaltais airson fuasgladh air ceistean laghail an dèidh do Bhreatainn falbh às an EU. Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad airson cur às do dh'uachdranas Cùirt Cheartais na h-Eòrpa ann am Breatainn.

Bàs an Inbhir Nis

Tha poilis a' rannsachadh bàs sheann duine ann an Inbhir Nis. Chaidh corp Mhurchaidh MhicFhionghain, a bha 78 bliadhna de dh'aois, fhaighinn na dhachaigh air Cearcall Chinn t-Sàile sa bhaile feasgar Diluain. Dh'iarr na Poilis fiosrachadh bho dhuine sam bith a bhruidhinn ri Mgr MacFhionghain, no a chunnaic e, bho chionn là no dhà ron sin.