Rabhadh mu shreath mhèirle an Loch Abar

  • 23 An Lùnasdal 2017
Poileas Alba

Tha na Poilis ann an Loch Abar a' toirt comhairle thèarainteachd air daoine a tha a' fuireach air an tuath, an dèidh sreath de mhèirle aig ionadan coimearsalta san sgìre.

Chaidh fios a chur air na Poilis mu mhèirle ann an Gleann Fhionainn, Àird Dhobhair, agus ann an sgìre a' Ghearasdain sna làithean mu dheireadh.

Chaidh suimean beaga airgid agus stuthan bìdhe a ghoid.

Tha rannsachadh a' leantainn, agus tha oifigearan ag iarraidh air gnothachasan eile a bhith air am faiceall.

"'S ann an àiteachan sàmhach, dùthchail, a thachair a' mhèirle seo uile, nach eil sàbhailte bho eucoir, gu mì-fhortannach," thuirt an Constabal Keri Jones.

"Tha e furasta do dh'eucoirich brath a ghabhail air àiteachan iomallach, far nach tèid dragh a chur orra, agus tha e deatamach gun dèanar na 's urrainn airson togalaichean 's na tha nam broinn a chumail sàbhailte.

"Thathas a' cur an cuimhne luchd-gnothachais na h-ionadan aca a chumail tèarainte, 's gun dèan iad cinnteach gu bheil airgead sam bith a th' air a chumail a-staigh air a stòradh gu ceart.

"Feuchaibh gun dad luachmhor a stòradh far an gabh fhaicinn bho thaobh a-muigh an togalaich.

"Faodaidh solais thèarainteachd mun togalach cuideachadh ann a bhith a' cumail eucoireach air falbh.

"Ma tha dragh ann gu bheil dol-a-mach amharasach a' dol air adhart, tha e na chuideachadh dhuinn ma gheibh sinn fiosrachadh cho mionaideach 's a ghabhas bhuaibh.

"Tha rannsachadh a' leantainn mu na h-aithrisean as ùire, agus ma tha fiosrachadh sam bith aig daoine mu dhol-a-mach amharasach, cuiribh fòn thugainn air 101 cho luath 's a ghabhas."