Rannsachadh mu bhàs an Inbhir Nis

  • 23 An Lùnasdal 2017
Seacaid Phoilis

Tha rannsachadh nam Poileas mu bhàs fireannaich ann an Inbhir Nis a' leantainn.

Thuirt oifigearan nach robh fios aca dè a thachair do Mhurchadh MacFhionghain, aois 78.

Fhuair na Poilis an corp aige na dhachaigh ann an Corran Chinn t-Sàile ann am Baile a' Chnuic feasgar Diluain.

Chuir iad ìmpidh air duine sam bith a chunnaic Mgr MacFhionghain neo a bha a' bruidhinn ris sna beagan làithean ro làimh a dhol thuca.