Obair-leasachaidh an A9

  • 23 An Lùnasdal 2017
A9 faisg air Ceann na Creige Image copyright Richard Webb/Geograph
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn an rathad air fad a dhèanamh dà-fhillte ro 2025

Bidh Rùnaire na h-Eaconomaidh, Cè MacIlleDhuinn, air a' Ghàidhealtachd Diciadain 's earrann de dh'obair-leasachaidh an A9 gu bhith deiseil.

Tha dùil gum fosgail an earrann ùr dhen rathad, eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh, taobh a-staigh beagan làithean.

Thug an earrann sin dhen phròiseact dà bhliadhna.

Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn an rathad air fad a dhèanamh dà-fhillte ro 2025, aig cosgais de £3bn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile