Jeremy Corbyn ann an Leòdhas

  • 23 An Lùnasdal 2017
Jeremy Corbyn
Image caption Tha na Làbaraich ag amas air 18 seat a bhuannachadh ann an Alba

Bidh Ceannard nan Làbarach Jeremy Corbyn ann an Leòdhas Diciadain aig toiseach a thurais a dh'Alba.

Tadhalaidh Mgr Corbyn air cuid de na seataichean Albannach anns an do rinn na Làbaraich adhartas anns an taghadh choitcheann am-bliadhna, agus far an liùigeadh iad buaidh fhaighinn.

A dh'aindeoin 's gun do chaill an SNP cuid mhath de na buill aca ann an taghadh na h-Òg-Mhìos 's iad fhathast am pàrtaidh as motha ann an Alba - le na Tòraidhean anns an dàrna àite.

Tha na Làbaraich ag amas air 18 seat a bhuannachadh ann an Alba - mun treas cuid de na seataichean a dh'fheumadh iad airson buaidh fhaighinn aig Westminster.

Canaidh Mgr Corbyn gur ann aig na Làbaraich a-mhàin a tha poileasaidhean airson barrachd chothromachd ann an Alba, agus tron Rìoghachd Aonaichte gu lèir.

Tha na Tòraidhean ag ràdh ge-tà, nach gabh earbsa a chur anns na poileasaidhean aige.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll bhon SNP, gu bheil e a' cur fàilte air Mgr Corbyn, ach dh'iarr e mìneachadh bhuaithe air carson a tha e airson Breatainn a thoirt a-mach às a' Mhargaidh Shingilte agus Aonadh Cuspainn an EU.

Tha dùil gun tadhail Mgr Corbyn air muileann a' Chlò Mhòir ann an Siaboist is gun coinnich e an uairsin ri riochdairean coimhearsnachd.

Air an oidhche bheir e seachad òraid ann an Ionad Spòrs Steòrnabhaigh.