Aths an Cuairt Dheireannach Cupa Leòdhais

  • 22 An Lùnasdal 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Athletic Steòrnabhaigh troimhe

Fhuair Athletic Steòrnabhaigh troimhe dhan chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais Moldòbha às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Bhac 3-1 ann an Col Uarach.

Chuir Scott MacAmhlaigh Aths air thoiseach taobh a-staigh deich mionaidean agus bha an darna tadhal aige goirid às dèidh sin.

Fhuair am Bac tadhal air ais goirid ro leth ùine tro Chrìsdean MacLeòid.

Ach le cùisean a' fàs frionasach sa chairteal na h-uaireach mu dheireadh agus cluicheadair bho gach taobh air an cuir far na pàirce, fhuair Mo Khalil an treas tadhal do dh'Aths, a' ciallachadh gun robh cùisean nas comhurtail dhaibh 's na deich mionaidean mu dheireadh.

Chan eil fhios fhathast cò chluicheas Aths sa chuairt dheireannaich aig toiseach na h-ath mhìos.

Tha An Rubha an teis mheadhan tagradh a dhèanamh an aghaidh mar a chaidh an cur a-mach às an fharpais 's iad fo chasaid cluicheadair a chleachdadh nach robh clàraichte mar bu chòir.

Mura tèid leotha cluichidh Nis an aghaidh United san iar-chuairt dheireannaich eile.

Gabhaidh An Rubha aite United sa gheam sin ma shoirbhicheas iad leis an tagradh.