Oighreachd Sgealascro air a' mhargaidh

  • 22 An Lùnasdal 2017
Oighreachd Sgealascro Image copyright Dave Fergusson / Geograph

Chaidh oighreachd ainmeil ann an Leòdhas a chur air a' mhargaidh.

Tha prìs £2.5m air Oighreachd Sgealascro ann an Ùig'.

Tha an oighreachd aithnichte an dà chuid a thaobh seilg is iasgaich is tha loidse ann cuideachd.

Tha cuideachd 5,000 acair de thalamh ionaltraidh a bhios rim faighinn 'son 175 bliadhna aig màl ìosal.

'S ann le Cristin 'Cree' MacCoinnich a tha an oighreachd.

'S e mac Jock MhicCoinnich nach maireann, a cheannaich an oighreachd sa chiad dol a-mach.

Thuirt John Bound bhon chompanaidh reic Galbraith gur ann glè ainneamh a bhios oighreachd seilge air a' chosta agus le loidse a' tighinn air a' mhargaidh.

Tha rathad prìobhaideach a' dol dhan oighreachd is tha trì taighean beaga ann, a bharrachd air an loidse.