Alt-aiseig Loch nam Madadh gu bhith dùinte

  • 22 An Lùnasdal 2017
Loch nam Madadh Image copyright Richard Webb / Geograph

Chaidh a dhearbhadh gum bi alt-aiseig Loch nam Madadh dùinte airson seachdain san t-Samhain.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e obair riatanach a tha seo.

Bidh an t-alt-aiseig dùinte bho Dhiluain an 13mh den t-Samhain gu Didòmhnaich an 19mh.

"Choinnich mi ri feadhainn bhon choimhearsnachd bho chionn ghoirid gus beachdan fhaighinn air seo," thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, a tha cuideachd na chomhairliche 'son Uibhist a Tuath.

"Ghabh daoine ris gum feum an t-alt-aiseig a dhùnadh is gur e àm reusanta a tha seo an obair a dhèanamh.

"Bidh sinn a' bruidhinn ris an t-sluagh agus gu sònraichte ri companaidhean bathair feuch nach bi buaidh ro mhòr air duine aca", thuirt e.

Thuirt CalMac gu bheil iad mothachail den obair is gun obraich iad leis a' Chomhairle is buidhnean eile gus buaidh a' ghnothaich a lùghdachadh.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean is CalMac gun gabh daoine an leisgeul airson tàire sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile