Tilgeil chlachan na obair ealain

  • 23 An Lùnasdal 2017
Maol Cheann-Dearg Image copyright David Quentin
Image caption Dealbh a chaidh a thogail le Daibhidh Quentin air Maol Cheann-Dearg faisg air Toirbheartan.

Thòisich Daibhidh Quentin a' togail dhealbhan annasach de chlachan a' tuiteam às an adhar bho chionn seachd bliadhna.

Thilg an dealbhadair, a tha stèidhichte ann an Lunnainn, clach suas agus thog e dealbhan dhith 'son faicinn cò ris bha e coltach.

Dh'fhaodadh tu a ràdh gun tàinig am beachd-smuain thuige mar chloich às an adhar...

'S e fealla-dhà a bha air cùlaibh seo an toiseach, ach dh'fhàs e an deuchainn neo-àbhaisteach aige gu pròiseact susbainteach air a bheil 'Rocks In The Sky'.

Tha an co-chruinneachadh seo a' sealltainn chlachan is chreagan a chaidh a chlàradh air fiolm "gu math luath" ann an suidheachaidhean farsainn is falamh.

Loch na Lap Image copyright David Quentin
Image caption Creag os cionn Loch na Lap

Tha Maighstear Quentin, a tha sgaoileadh dhealbhan air Twitter fon ainm @_RocksInTheSky air dealbhan a thogail air feadh na Rìoghachd Aonaichte, ach gu sònraichte air a' Ghàidhealtachd agus ann an Hertfordshire agus Gloucestershire.

Thog e dealbhan cuideadh ann an Dùghlas agus ann an Port Thighearna ann an Eilean Mhanainn.

Tha e a' cumail air a' togail dhealbhan a chuireas e ris a' phròiseact seo.

Beinn a' Chlachair Image copyright David Quentin
Image caption Beinn a' Chlachair ann an Loch Abar.

Thuirt e: "Thòisich am pròiseact le fealla-dhà air là grianach air na South Downs ann an Sussex, agus gu sgiobalta dh'fhàs e na dhùbhlan teicneigeach air an robh mi air iomadach rola de dh'fhiolm a chaitheamh, agus tha a-nis na chruinneachadh de dhealbhan iongantach, nam bheachdsa, a tha fhathast a' fàs.

Beinn Èibhinn Image copyright David Quentin
Image caption Beinn Èibhinn faisg air a' Choire Odhar

"Aig amannan bidh daoine den bheachd gun robh mi air Photoshop a chur an sàs, ach bhiodh sin na dhùbhlan teicneigeach nas motha na tha mi a' dèanamh, 's e sin a bhith a' tilgeil cloiche san adhar - neo iarraidh air caraid sin a dhèanamh, agus dealbh a thogail fhad' sa tha i shuas an sin.

"Le bhith dèanamh sin tha an solas agus am faileas a' tuiteam air a' chreig as aonaidh tuilleadh obrach.

Port Thighearna Image copyright David Quentin
Image caption Port Thighearna ann an Eilean Mhanainn

"Dè tha iad a' nochdadh dhuinn?" tha Maighstear Quentin a' faighneachd.

"Ar leamsa nuair a tha neach-ealain a' sealltainn chreagan san adhar - a lethid An Caistean sna Beanntan Pirineach le Magritte, no am fiolm 'Arrival far an robh soitheach-fànais a' nochdadh mar 'menhir' os cionn na talmhainn - tha sinn a' faicinn rudeigin àraid a tha na choigreach dhuinn, ach aig an aon àm rudeigin air a bheil sin eòlach.

"Chan eil fhios 'am carson a tha coltas air na creagan anns an adhar gum buin iad dhan àite, ach dhomhsa dheth tha sin dha-riribh fìor.

Dùghlas Image copyright David Quentin
Image caption Dùghlas ann an Eilean Mhanainn

Còraichean uile glèidhte