Bunadair buidhne carthannais ciontach de dh'fhoill

  • 22 An Lùnasdal 2017
Georgina Dodd Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image caption Chuir Georgina Dodd a' bhuidheann charthannais air bhonn ann an 1984.

Chaidh màthair a' chiad phàiste san RA a chaidh a ghineadh tro altramas-broinn a dhìteadh air casaidean foill.

Thug Georgina Dodd, a tha 69 agus on Luirg ann an Cataibh, £50,000 a-mach à carthannas altramais-bhroinn a chuir i air bhonn o chionn 33 bliadhna.

Chaidh òrdachadh gun dèan i 300 uair de thìde de dh'obair coimhearsnachd neo-phàighte.

Feumaidh i cuideachd taga dealanach a chaitheamh airson 120 là, an àite a dhol dhan phrìosan.

Chuala Cùirt an t-Siorraim ann am Baile Dhùbhthaich gun do ghoid Dodd an t-airgead bho Childless Overcome Through Surrogacy (COTS).

Chuir i a' bhuidheann charthannais air bhonn còmhla ris an duine aice, Mìcheal, ann an 1984, an dèidh dhaibh mac a bhith aca le màthair-ghiùlain.

Bha COTS a' tabhann taic agus sheirbheisean do chupail aig nach robh clann, a b' fheudar cìs bhallrachd a phàigheadh, agus fo-sgrìobhadh bliadhnail.

Dh'innis fear-lagha Dodd, Liam Robasdan, don chùirt gun do "chaith" Dodd £50,000, eadar am Faoilleach 2005 agus an Damhair 2006.

"Tha e cho sìmplidh sin," thuirt e. "Chan urrainn dhi mìneachadh càite an deach e. Ach tha i a' gabhail ris gun robh ise gu tur an urra ris na thachair."

Chuala a' chùirt gun do chuir Dodd cunntas banca dìomhair air bhonn fo ainm na buidhne carthannais, agus gun do sgrìobh i seicichean dhi fhèin bhon chunntas oifigeil aig COTS.

Ghluais i cuideachd airgead gu cunntasan a bha fo ainm a mic, ach cha robh fhios aigesan cò às a bha an t-airgead air tighinn, chuala a' chùirt.

Bha Dodd air aideachadh roimhe gun do ghabh i £50,000 thuice fhèin, agus chaidh binn a chur dheth gu Diluain, agus aithisgean cùl-fhiosrachaidh a dhìth.

Dh'innis an Siorram, Chris Dickson, dha Dodd, nach cuireadh e dhan phrìosan i seach gun robh roghainn eile aige.

Mhìnich e gur e mar a b' e seo a' chiad eucoir aice, nach robh cunnart mòr ann gun dèanadh i tuilleadh eucorra, agus gun robh i air £15,000 den airgead a phàigheadh air ais, a bu choireach.

"Tha mi cuideachd a' gabhail a-steach do shuidheachaidh phearsanta fhèin, agus mholaidhean a rinneadh às do leth.

"'S tusa am prìomh neach-cùraim dhan duine agad, agus dha d' phiuthair chèile, agus tha an gnothach seo air a bhith na chrois dhut o chionn ùine mhòir," thuirt e.